Mo Mhàthair
Thoir mo shoraidh nunn thar chuantan
Gu mo mhàthair, 's fhada bhuam i
Cha chùm astar mòr
a' chuain a gaol o m' chridhe
'S i rinn m' altram 's mi nam phàiste
'S ann na gràdh a fhuair mi m' àrach
O, chan fhàillinnich gu bràth
mo spèis-sa dhi
Ged a tha mi seo air faondradh
Ann an tìr taobh thall an t-saoghail
'S ged tha cuantan sgaoilte
eadar mise 's i
'S e mo dhùrachd a dhol dhachaigh
Gu mo mhàthair anns a' chlachan
'S a bhith 'g àileis bhith
nam chailiag bheag a-rìs
Tha mo smuaintean oirre
nam dhùsgadh
Na mo chadal tha i dlùth dhomh
Tha i daonnan air mo chùram
anns gach nì
'S tha a pearsa aoigheil shunndach
Na mo shùilean fad na h-ùine
'S e bhith faighinn null d' a h-ionnsaigh rùn mo chridhe